PODCAST · music
Am Pod-Chraoladh: Fuaran
by Fèisean nan Gàidheal
Tha ceithir pod-chraolaidhean ùr a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnibh mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛Le taing do Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta.Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to those who play the National Lottery.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com
-
4
Am Pod-Chraoladh | Eapasod 4 - Abi NicIlleRuaidh
Seo an eapasod mu dheireadh de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha air tighinn a-mach thar na seachdainean a chaidh, far am bheil Deirdre Ghreumach air a bhith a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️Tron sreath seo, tha Deirdre air còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Chualas mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛An-diugh, bi Deirdre Ghreumach a' bruidhinn ri Abi NicIlleRuaidh, Oifigear Leasachaidh airson Fèisean nan Gàidheal. Thòisich Abi ag obair aig Fèisean nan Gàidheal ann an 2019 agus thòisich i ag obair air Fuaran ann an 2023. Bi iad a' còmhradh air mar a thàinig Fuaran gu bith, mar a tha e air leasachadh thairis air na bliadhnaichean, agus dealbh a thogail air na cothroman a tha an lùib a phròiseact sònraichte seo, le beagan fiosrachadh air mar as urrainn dhut fhèin pàirt a ghabhail ann.Tron t-sreath seo, tha sinn air cluinntinn bho chuid de na com-pairtichean agus mar a shoirbhich leotha leis an rannsachadh aca. Anns an eapasod seo, tha sinn an dòchas gun toir e beagan spionnadh do chuideigin eile pàirt a ghabhail ann am pròiseact Fuaran an ath bhliadhna! ☺️Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com© Macmeanmna
-
3
Am Pod-Chraoladh | Eapasod 3 - Flòraidh Stevenson
Seo an treas eapasod de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnear mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛An-diugh, tha Deirdre a' bruidhinn ri Flòraidh Stevenson. Tha Flòraidh aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil i a' sgrùdadh litreachas na h-Alba, agus Gàidhlig. Tha i cuideachd na ball de Chomann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu agus bi i tric an sàs ann an seiseanan seinn, a' gabhail òrain aig cèilidhean is tachartasan cultarach.Rugadh is thogadh i ann an Geàrr-Lòchaidh, sgìre làn dualchais ann an Loch Abar. Rinn Flòraidh bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig far an do cheumnaich i le àrd-urram ann an Gàidhlig is Conaltradh. Aig an t-Samhal, fhuair i leasanan seinn bho Christine Primrose agus thog ise misneachd is comas Fhlòraidh mar sheinneadar Gàidhlig. Ged a dh'ionnsaich i measgachadh de dh'òrain à diofar sgìrean, tha e gu sònraichte measail air na h-òrain à Loch Abar.Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath phod-chraolaidh a' tighinn a dh'aithghearr!⏳Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com© Macmeanmna
-
2
Am Pod-Chraoladh | Eapasod 2 - Eilidh Chandler
Seo an dàrna eapasod de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnear mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛An-diugh, tha Deirdre a' bruidhinn ri Eilidh Chandler. 'S ann às an Eilean Dubh a tha Eilidh ged a chaidh a togail ann an Dùn Èideann, agus tha i a-nis a' sgrùdadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Bho aois gu math òg, fhuair i bogadh ann an cultar, ceòl is cànan na Gàidhlig, rud a tha aig cridhe a beatha. 🎼 Tron chùrsa aice, gu h-àiridh anns a chlas seinn sa Ghàidhlig, tha i air rannsachadh domhain a dhèanamh air traidisean seinn nan Gàidheal agus i an dùil an treachdas aice a sgrìobhadh air an aon chuspair an ath bhliadhna.Tha i cuideachd air rannsachadh a dhèanamh gus òrain a thaghadh airson a Mhòd Nàiseanta Rìoghail le fòcas air ceòl a tha dlùth-cheangailte ri sgìrean chudromach dhith fhèin, agus seinneadaran a thug brosnachadh dhith air a slighe. 🎤Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath phod-chraolaidh a' tighinn a dh'aithghearr!⏳Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com© Macmeanmna
-
1
Am Pod-Chraoladh | Eapasod 1 - Anna NicGriogair
Tha ceithir pod-chraolaidhean ùr a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️'S ann à Glaschu a tha Anna, ach tha a cridhe gu dlùth ceangailte ri Uibhist a' Tuath far an deach a seanmhair a thogail. 🏡 Tha ùidh mhòr aice ann an dualchaintean eadar-dhealaichte agus na h-abairtean ionadail a chleachd a seanmhair. Chur i roimhpe rannsachadh a dhèanamh air an dualchas a tha ri fhaighinn ann an sgìre Taigh a' Ghàrraidh agus gu h-àraidh air fear às an sgìre, Aonghas Lachlainn - bàrd aithnichte agus co-ogha do a seanmhair. 🎼Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnibh mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath fhear a' tighinn a dh'aithghearr. ⏳Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com© Macmeanmna
We're indexing this podcast's transcripts for the first time — this can take a minute or two. We'll show results as soon as they're ready.
No matches for "" in this podcast's transcripts.
No topics indexed yet for this podcast.
Loading reviews...
ABOUT THIS SHOW
Tha ceithir pod-chraolaidhean ùr a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnibh mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛Le taing do Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta.Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to those who play the National Lottery.CeòlRobbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarffbhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com
HOSTED BY
Fèisean nan Gàidheal
CATEGORIES
Loading similar podcasts...