EPISODE · Nov 24, 2021 · 40 MIN
Prògram 5: Flòraidh Guidi
from Oideas · host Gwen MacQuarrie
Bho a bhith a' cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, 'son am prògram mu dheireadh san t-sreath. Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin - gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile. Leis gun robh Flòraidh ann an aonad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla cheana is i a nise os cionn sgoil Ghàidhlig, tha i toirt a beachd air mar a tha gach suidheachadh eadar-dhealaichte agus cho cudromach sa tha e a bhidh dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a Ghàidhlig ann an àrainneachd Bheurla. Tha i cuideachd ag innse do Gwen mu cheannardas agus na dòighean as fheàrr luach fhaighinn bhon sgioba gu lèir. Tha beagan ann mu buannachdan a’ chùrsa Streap, agus mun dragh a th' air gu leòr thidsearan mu dhi-mhisneachd nan comasan cànain fhèin. Agus, a thaobh sgoilearan, dè tha a dhìth airson farsaingeachd de chainnt a bhrosnachadh. Ach a bharrachd na càil eile, ge-tà, tha i misneachail mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a Ghàidhlig fhèin. Deagh dhòigh crìoch a chuir air an t-sreath. Tha sinn an dràsta a’ tional bheachdan 'son sreath a' dhà. Ma tha smuain sam bith agaibh air dè chòrd ribh is dè nach do chòrd san t-sreath seo, dè eile dh' iarradh sibh cluinntinn no cò bhiodh math mar aoigh, cuir fios thugainn air na meadhanan sòisealta, no air oideaspod@gmail.com, bhiodh e cianail fhèin math cluinntinn bhuaibh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo na ceanglaichean: Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/ Telt Media https://telt.media/ Sonas Design https://www.sonadesign.co.uk/
Embed this episode
Ready to play
Prògram 5: Flòraidh Guidi
No transcript for this episode yet
Similar Episodes
No similar episodes found.
Similar Podcasts
No similar podcasts found.