PODCAST · society
Fad Botal Fìon
by BBC Radio nan Gàidheal
Thigibh an cuideachd Lana Pheutain, Hannah McKirdy is Rachel NicAoidh ‘s iad a’ cnuasachadh air iomadh cuspair fhad ‘s a tha iad a’ dèanamh an slìghe troimh bhotal fìon.
-
27
Eapasod 26 - An e caraid math a th' annam
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' beachdachadh air an e caraidean math a th' annta. A' bruidhinn air dè a th' ann an caraid math agus dè a tha sinn a' sùileachadh bho na caraidean againn? A bheil diofar seòrsaichean de charaidean againn?
-
26
Eapasod 25 - Gealladh-pòsaidh
Tha Lana air gealladh-pòsaidh fhaighinn is i dìreach air tilleadh bhon Ròimh agus tha i airson an sgeulachd aice innse dha Hannah agus Rachel.
-
25
Eapasod 24 | Chan eil càil sam bith math a' tachairt às dèidh uair sa mhadainn
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' bruidhinn air a bhith a' dol a-mach agus mar a tha e air atharrachadh dhaibh anns na bliadhnaichean a dh' fhalbh. Bidh iad a' beachdachadh air dè a bhios iad a' sùileachadh a-nis nuair a tha iad a' dol a-mach nach biodh guth aca air nuair a bha iad anns na ficheadan aca.
-
24
Eapasod 23 | Lady Guga ann an Carabhan
Tha Hannah, Lana agus Rachel a' toirt sùil air am beatha obrach aca agus a' togail air cultar san àit'-obrach agus rudan annasach agus èibhinn a tha'd air a dhèanamh thairis nam bliadhnaichean a thaobh obair anns na meadhanan.
We're indexing this podcast's transcripts for the first time — this can take a minute or two. We'll show results as soon as they're ready.
No matches for "" in this podcast's transcripts.
No topics indexed yet for this podcast.
Loading reviews...
Loading similar podcasts...